Gaels Le Chéile @ Celtic Connections
Gaels Le Chéile @ Celtic Connections

25th January 2020, CCA

25th Faoilleach 2020, CCA

Imlé, Marit & Rona, Whyte

Imlé, Marit & Rona, Whyte

 

Ceòl is Craic joined forces with Gaels Le Chéile and Celtic Connections to present  a celebration of the shared Gaelic culture of Scotland and Ireland.

IMLÉ are a Dublin-based band who deliver a unique fusion of poetry, rap, rock, trip hop and traditional music, all performed in Irish Gaeilge. The band performed tracks from their recently released second album.

While touring in Scotland in 2018 the band met up with Gaelictronica duo WHYTE and discovered a shared passion for combining Gaelic / Gaeilge language songs with innovative musical settings. For this event WHYTE performed tracks from their highly praised new release ‘Tairm’ before being joined on stage by members of IMLÉ to debut recently recorded collaborative material.

Scottish-based duo Marit Fӓlt and Rona Wilkie delighted the capacity audience with songs and tunes taken from their recently released debut album.

 

 

Thàinig Ceòl is Craic còmhla ri Gaels Le Chèile agus Celtic Connections airson ar comharradh bliadhnail air a’ chultar Ghàidhlig a tha co-roinnte eadar Alba agus Èirinn.

Is e còmhlan-ciùil stèidhichte ann am Baile Átha Cliath a th’ ann an IMLÉ a tha a’ lìbhrigeadh measgachadh air leth de bhàrdachd, rap, roc, trip hop agus ceòl traidiseanta, uile air an coileanadh tro mheadhan na Gaeilge. Choilean an còmhlan tracan bhon dàrna clàr aca a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid.

Fhad ’s a bha iad air chuairt ann an Alba ann an 2018, choinnich an còmhlan ri WHYTE, an dithis Gaelictronica, agus lorg iad am meas a bh’ aca uile do chothlamadh òrain ann an Gàidhlig/Gaeilge ann an suidheachaidhean ciùil ùr-ghnàthach.

Don tachartas seo, bha WHYTE a’ coileanadh thracan bhon chlàr ùr aca “Tairm” a tha air mòran molaidh a chosnadh, mus tàinig iad air àrd-ùrlar còmhla ri IMLÉ gus stuth co-obrachail a chlàradh ann an Èirinn a nochdadh airson a’ chiad uair.

Thug Marit Fӓlt agus Rona Wilkie, dithis luchd-ciùil fèillmhor stèidhichte ann an Alba, tlachd dhan luchd-èisteachd le òrain agus puirt bhon chlàr ùr aca.

Dorsan fosgailte: 7.30f